Na tha sinne a’ tairgsinn

Leirsinn

A bhith nar prìomh luchd-tairgsinn air treanadh, leasachadh agus coidseadh a dh’ionnsaigh ceangail bodhaige-inntinn, air a’ Ghàidhealtachd ‘s na h-eileanan, a’ cruthachadh ìomhaigh a bhios a’ riochdachadh sàr inbhe agus ùr-ghnàthachas. Tha sinn ag amas air a bhith a’ tabhainn cothroman leasachaidh mar a tha ri fhaotainn ann an àiteannan eile ann am Breatainn, air a’ Ghàidhealtachd. Bidh sinn fèin a’ dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ toirt air adhart na sgilean ‘s an eòlas againn fhèin rè ùine.

Amas

Bidh sinne aig Paul Kelly Group ag amas air a bhith a’ tabhainn farsaingeachd seirbheisean slàinte ‘s sunnd den chàileachd as àirde don dà chuid daoine fa-leth agus gnìomhachasan air a’ Ghàidhealtachd ‘s na h-eileanan. A bharrachd air a bhith làn eòlais de mhanaidsearachd ‘s leasachadh pearsanta agus gnìomhachais tha eòlas sònraichte againn air a bhith a’ cur fòcas air an ceangal bodhaig inntinn agus a bhith ga chleachdadh còmhla ris an treanadh as ùire airson fuasglaidhean phearsanta a thabhainn ann an:

  • Slàinte ‘s Sunnd
  • Treanadh ‘s Leasachadh
  • Cùlachaidhean Spòrs