Mu ar deidhinn fhèin.

‘S e coidse pròifeiseanta a th’ ann am Paul Kelly, ‘s còrr ‘s 20 bliadhna de dh’eòlas ann an leasachadh pròifeiseanta agus pearsanta ‘s dìorrasachd aige a bhith a’ cuideachadh agus a’ toirt taic do dhaoine eile anns an cuid leasachadh leantainneach.

Bhon a thòisich Paul na dhreuchd tha e air a bhith an sàs ann an a bhith a’ cuideachadh dhaoine eile a bhith ag atharrachadh na seallaidhean ‘s na suidheachaidhean aca. Fhad ‘s a bha e a’ gabhail a-mach ceum le urram aig Oilthigh Ghlaschu bha e ag obair don t-seirbheis òigridh ionadail mar neach-obrach òigridh ‘s mar àrd-neach-obrach òigridh. An-dèidh dha cheumnachadh cheangail Paul an toil a bh’ aige do dh’obair òigridh, a’ bhlàir-a-muigh agus leasachaidh pearsanta airson tòiseachadh ann an dreuchd Manaidsearachd Foghlam Spòrs a’ Bhlàir a-muigh. B‘ e a‘ mhòr-chuid de obair a bhith a’ tabhainn cùrsaichean leasachaidh do dhaoine òga agus treanadh manaidsearachd, a bhith ag obair do charthannasan, comhairlean ionadail agus companaidhean coimeirsealta. Thar nam bliadhnaichean tha Paul air iomadh teisteanas coidseaidh agus ceannardais a choisinn ann an spòrs a’ bhlàir a-muigh far an do leasaich e ùidh ann an coidseadh, comhairleachadh agus NLP (Prògramachd Neuro Cànanach) agus choisinn e tiotal Accredited Practitioner of the Institute of Outdoor Learning.

Tha obraichean manaidsearachd aig àrd-ìre air a bhith aig Paul ann an roinnean leithid eòlas, treanadh agus obrachadh teicneigeach do chompanaidhean beaga agus mòra coimeirsealta a bharrachd air a bhith an sàs ann an grunn comataidhean nàiseanta do bhuidhnean comhairleachaidh. Tha e air a dhealbh agus a thabhainn treanadh, prògraman fòghlaim, tàilleabhachdan, tachartasan, cùrsaichean treanaidh do farsaingeachd chliantan. Tha eòlas farsaing aige anns na roinnean seo agus tha e na neach-treanaidh agus coidse sgileil.

Leasaich e a chuid sgilean ‘s liosta theisteanasan tro bhith air a bharantachadh mar Licenced Lightning Process Practitioner agus a bhith a’ toirt a-mach Diplòma agus Àrd-Diplòma ann an NLP, Coidseadh Beatha agus Leigheas Hypnosis Clionaigeach bhon Institiud Phil Parker ann an Lunnain ‘s tha e fhathast an sàs ann a bhith a’ leasachadh na sgilean aige.

Bidh Paul a’ frithealadh cliantan prìobhaiteach a tha a’ sìreadh coidseadh agus leasachadh pearsanta airson pàirtean den cuid bheatha atharrachadh ann an dòigh a cheadaicheas dhaibh cothromachadh a lorg airson an cuid beatha chosg mar bu toil leotha. A bharrachd air seo, bidh Paul ag oideachadh aig Oilthigh na sgìre air ceum ann an Manaidsearachd Turasachd Spòrs a’ Bhlàir a-muigh ‘s bidh e fiùs ri lorg a-muigh a’ gabhail tlachd air a’ mhonadh, na h-aibhnichean ‘s a’ mhuir.