An Sgeulachd agam

Bha mi air a bhith nam dhuine gnìomhach, sùrdail airson na mhòr-cuid dhem bheatha ‘s mi ag obair ann an spòrs a’ bhlàir a-muigh. Bhithinn a’ cleachdadh a’ bhlàir a-muigh, triallan, spòrsan-ràmh, sreapadaireachd agus rothaireachd airson cùrsaichean leasachaidh phearsanta agus coidseadh sgilean a thabhainn. Bha mi fortanach gu robh an cothrom agam a bhith a’ siùbhal agus a bhith a’ triall air feadh an t-saoghail. Thar nam bliadhnaichean a lean chruinnich mi teastanasan spòrs a’ bhlàir a-muigh, thàinig piseach air a’ chursa-dreuchd phrofeiseanta agam agus fhuair mi dreuchdan manaidsearachd aig àrd ìre.

Bho mu 2001, bha mi air a bhith a’ fulaing sgìos, trioblaidean inne, brothan, bhiodh an cnatan orm fad na h-ùine agus bhiodh cadal-deilgneach nam làmhan agus nam chasan. Ann an 2008 thill mi bho turas a Pheru ‘s thòisich mi a bhith a’ faireachdainn gu math meadhanach, bha coltas an cnatan mòr orm agus bha cràdh altail agam. As-dèidh iomadh dheuchain mheadaigich orm, bhathar den bheachd gu robh an galar Lymes orm ‘s chaidh antibiotaig an-dèidh antibiotaig a thoirt dhomh, chaidh cùisean am miosad ge-ta chun ìre far an tug e buaidh air a’ cho-ordachadh agam.

Bha stoidhle beatha trang agam a tha cumanta san latha-an-diugh làn bruthadh bhom chuid obrach, teaghlaich agus bho bhith air falbh bhon dachaigh ‘s càirdean. Aig a’ cheann thall, ann an 2011 shìol mi chun làr ‘s chaidh mo thoirt dhan ospadal ‘s coltas gun do ghabh mi greim-cridhe, ach bho na deuchainnean a lean bha mo chridhe gu math. Fhuair mi sganaichean MRI ‘s CT agus tolladh-droma gun fuasgladh air na bha air tachairt. Aig amannan diofraichte chaidh an galar Lymes, CFS agus MS ainmeachadh.

‘S e a lean ach sia mìosan nam laighe ann an t-seòmar dhorcha gun comas fiùs air coiseachd 50 meatair dhan bhùth as fhaisge gun cràdh nam cheann ‘s a bhith a’ faireachdainn gu robh mi air mo lùths gu lèir a chall. Rinn sinn rannsachadh air iomadh fuasgladh ‘s aig a cheann thall fhuair sinn lorg air a’ Phròiseas Dealain. Air an darna latha bha mi comasach air coiseachd bhon taigh-òsda dhan chùrsa agus air an treas latha chaidh agam cuairt a ghabhail timcheall Dhùn Èideann. An latha an-dèidh dhomh tilleadh bhon Chùrsa Dealain chaidh agam falbh air a’ bhaidhseagal agam agus thar na laithean a lean chaidh agam air cuairt chnuic a ghabhal, rud a shaoil mi nach dèanainn tuilleadh. Chuir an diofar a chunnaiceas unnam iongadh mòr air daoine.

Leis gu robh mi air a bhith an sas ann an treanadh agus leasachadh pearsanta bha mi a’ faireachdainn gu robh còir agam treanadh a dhèanamh airson a bhith nam neach-obrach a’ Phròiseas Dealain gus a bhith comasach air seo a thabhainn air a’ Ghàidhealtachd far nach robh a leithid ri fhaotainn.

An-dèidh dhomh cùrsa a’ Phròiseas Dealain a dhèanamh bha de mhisneachd agam mo dhreuchd fhàgail, chur mi crìoch air an diplòma agam ann an Coidseadh Beatha, NLP agus Leigheas Hypnosis Clionaigeach; àrd-diplòma ann an Coidseadh Beatha, NLP agus Leigheas Hypnosis Clionaigeach agus chaidh agam a bhith nam neach-obrach a’ Phròiseas Dealain. Bha mi fortanach gun d’fhuair mi obair mar oide aig oilthigh na sgìre (rud a bha mi riamh airson a dhèanamh) a bhith a’ toirt òraidean ann an Manaidsearachd Turasach a’ Bhlàir a-Muigh. Tha mi cuideachd air an gnìomhachas clionaigeach agus treanadh agam fhèin a thòiseachadh.