A’ lorg cothromachd beatha

Hai ‘s fàilte dhan làrach-lìn againn! Tha sinne aig Paul Kelly Group air a bhith an sàs ann an leasachadh-phearsanta rè an 20 bliadhna a chaidh. Tha e air a bhith na thuras anasach dhuinn a tha a’ còrdadh ruinn fhathast ‘s a tha fhathast gar beò glacadh.

Bidh am Paul Kelly Group gur cuideachadh gus cuidhteas fhaighinn air giùlanan gun iarraidh unnaibh, gus beatha iomlan buan a leanntainn ann an saoghal trang, toinnte. Bidh sinn a’ cleachdadh an eòlais fharsaing againn agus taghadh de ‘Life Coaching’, ‘NLP’ agus ‘Clinical Hypnotherapy’, a-measg eile, gus atharrachadh grad, maireann adhbhrachadh unnaibh a leigeas leibh cothromachd a lorg ann am beatha…

Tha sinn stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd anns a’ Ghearasdan far a bhios sinn a’ coinneachadh ris a’ mhòr-chuid de na cliantan againn ged a bhios sinn a’ tabhainn cursaichean agus òraidean air feadh Alba. Faic am mìosachan tachartasan againn.

Tha sinn air sàr obair a dhèanamh mar tha ann an leasachadh-phearsanta, treanadh agus foghlam agus ann a bhith a’ lorg fuasglaidh a bhuineas don duine fhèin. Bidh sinn a’ deileagadh ri gach neach fa-leth, a’ lorg fuasglaidhean a fhreagras gu sònraichte dhuibh fèin ‘s na feumalachdan agaibhse.

Nach coimheadaibh timcheall an seo agus ma tha cèist sam bith agaibh bhitheamaid ro thoillichte cluinntinn bhuaibh.

Ceud taing, tha sinn a’ dèanamh fiùghair ri bruidhinn ribh a dh’aithghearr.

Paul