Bùthean-obrach Foghlaim

‘S urrainn dha bhith na àm loma-làn bruthadh inntinn do sgoilearan agus oileanaich fhad ‘s a tha iad ann am foghlam ‘s aig àm nan deuchainnean, gun fiùs guth a ràdh air na tha aig àireamh de dhaoine òga, a tha a sìor fàs, dèileagadh ri bho latha gu latha.

Tro bhith a’ coimhead air ‘s ag ionnsachadh mu mar a tha an ceangail bodhaig inntinn agus fioltairean conaltraidh ag obair, còmhla ris na siostaman creideimh againn, tha na bliadhnaichean a bhios sinn a’ cur seachad anns an sgoil deatamach ann a bhith a’ togail daoine misneachail rèidh. ‘S urrainn don àm seo a bhith doirbh do dhaoine òga ‘s iad a’ stiùireadh cùrsa tron fhoghlam aca.

Aig Paul Kelly Group tha sinn air prògraman sònraichte ullachadh airson cuideachadh, fiosrachadh agus coidseadh a thoirt seachad don dà chuid luchd-ionnsachaidh agus luchd-foghlaim ann a bhith a’ faighinn ‘s a’ toirt seachad buanachd cho mòr ‘s a ghabhas ann am foghlam.