Coidseadh Beatha

Nach eil ann an Coidseadh Beatha ach fasan Ameireaganach?

Tha e fìor gur ann à fasan Ameireaganach bhon na 1970an airson òraidean misneachdail ‘s leabhraichean fèin-taic, a tha riamh air a bhith caran ro mhilis agus ‘s ro shunndach san iomairt aca gus am mòr-shluaigh a lìonadh le misneachd.

Tha Breatannaich riamh air a bhith caran diùid a thaobh ‘fèin-taic’ ‘s ‘fèin-leasachadh’, ‘s dòcha air sailleabh an dol a-mach ‘Cùm Rèidh ‘s Cùm ort’ a tha aig cridhe dòigh smaoineachaidh a’ phobaill a tha gar dèanamh màlda, stuama. far an robh nam Breatannaich riamh stòthach, stuama nan nàdar chaidh na Stàitean Aonaichte a thogail air ideòlas de spionnadh, dòchas agus leasachadh – feartan a dealbhaich an t-slighe air adhart airson a’ ghnìomhachais fèin-taic a lean linntean às a dhèidh.

Ao-choltach ri cuid de thiotalan a nochd às Ameireaga (‘How to Shine Out in a Crowd’, ‘How to Keep a Man in Love with You Forever’ a-measg nam mìltean eile a bhiodh a’ tagairt leughadairean a chuideachadh beartas a lorg ann an cabhaig, fàs fallain, fàs toilichte ann an còig diogan ‘s mar sin air adhart), cha robh coidseadh beatha a’ tagairt sìon nach gabhadh a chreidsinn – cha robh e a’ leigeil air gur e leigheas mìorbhaileach air mì-shunnd, no gun cuireadh e ceart ramhaireachd no fiachan gu luath.

‘S e a bha e a’ tabhainn ach slighe air adhart structaraichte, fìor-riochdail a bha ag obair ann an dòigh a dh’obraicheadh leis an feallsanachd Bhreatannach. ‘S ann a tha na dòighean obrach agamsa stèidhichte air fianais saidhceòlasach agus tuigse, chan ann air beachd, breitheanas no comhairle beatha leam-leat.

Tha daoine a’ toiseachadh a bhith a’ tuigsinn nach eil ‘fèin-taic’ na fasan spaideil, tha dòighean-obrach co-thaiceil nan dòighean airson piseach a thoirt air na th’ againn mar thà, a’ cleachdadh na ‘s fhiosraich dhuinn agus a bhith a’ briseadh an àrd na ro-thuigsean againn air cò a thunnainn ‘s air dè air a tha sinn comasach.

Gheibh fiùs an fear as mì-chreidmheach nar measg buannachd às a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn agus a bhith a’ cur òrdugh nar beatha le cuideigin air nach eilear eòlach. Anns na gnìomhachasan as motha den Fortune 500 tha coidseach air fhaicinn mar ni a tha deatamach, chann ann mar fasan.