Leigheas Hypnosis

Hypnosis an àird-ùrlair, hypnotism agus mì-thuigse.

Thathar air a bhith a’ cleachdadh Hypnosis fad mhìltean de bhliadhnaichean. Tha fianais ann a dhearbhas gu robhar ga chleachdadh aig àm nan seann Ròmanaich ‘s nan Greugaich – mar leigheas – cho fad air ais ris a’ cheathramh linn RC.

Bha fiùs ‘teampallan caidil‘ sònraichte aig na h-Èiphitich anns an deach iarraidh air dhaoine laighe sìos ‘s èisteachd ri seinn airson piseach a thoirt air galaran ‘s trioblaidean caidil cho fad air ais ri 1550 RC.

Gu mì-fhortanach ‘s e a’ chiad uair a choinnicheas a’ mhòr-chuid ri hypnosis tro bhith ga choimhead air an telebhisean agus neach-hypnosis ris a’ chuid obrach. Tha seo a’ toirt air daoine a’ chreidsinn gun tèid aca a bhith air an stiùireadh no an smachdachadh an aghaigh an toil gus rudeigin gòrach a dhèanamh.

Sa chiad dol a-mach chan eil an t-seòrsa hypnosis seo ag obair ach le beag-cuid de dhaoine ‘s gu h-inntinneach cha dèanadh an fheadhainn a chithear fo smachd hypnosis na rudan a bhios iad a’ dèanamh mura robh iad comhfurtail a bhith gan dèanamh ‘s iad nan làn dhùisg.

‘S d’fhiach a ràdh an seo cuideachd ma thèid sibh a dh’fhaicinn neach-leighis hypnosis no neach-obrach NLP gun dearbhaich sibh gu bheil iad nam ball de bhuidhean phròifeiseanta.

Dearbhaichidh seo gu bheil iad air cùrsa de dh’ùine gu leòr a choileanadh agus gu bheil teisteanas aca gu ìre clionaigeach.

A-rithist rè na h-ùine gu leir bidh smachd agaibhse air na bhios a’ tachairt ‘s bidh sibh nur duisg. Tha hypnosis mar leigheas mu dheidhinn a bhith aig fois. Bidh sibh ‘s dòcha a’ faireachdainn trom, aig fois, sgith neo gu math aotrom. ’S e ni aoibhneach, tlachdmhor, foiseil a bhios ann dhuibh.

Gu phragtaigeach cha tèid duine sam bith fo hypnosis an aghaidh an toil fhèin ‘s fiùs fo hypnosis thèid air duine sam bith dol an aghaigh moladh sam bith.

Mar seo thèid againn smaoineachadh mu hypnosis mar stait de cho-obrachadh le buaidh.

Thèid air hypnosis a mhinneachadh gu teicneigeach mar: “Staid de fois ‘s dùr-aire aig a’ cheart àm ri aire air àrdachadh a thèid a chur air neach tro moladh”.

Tha am facal hypnosis a tighinn bhon fhacal Greugais ‘hypnos’ a tha a’ ciallachadh ‘a’ cadal’ ach ann an da-rìribh tha e fada bho bhith na chadal, ach mun àm gun do thuig an fheadhainn a bha ga chleachdadh sa chiad dol a-mach dè da-rìribh a bh’ ann ‘s a dh’fheuch an t-ainm atharrachadh bha an t-ainm stèidhichte mar-thà.