Dè th’ anns a’ Phròiseas Dealanach Phil Parker?

‘S e cursa treanaidh cumhachdail a th’ anns a’ Phròiseas Dealanach Phil Parker ® a bhios gur teagasg mar a thèid agad air buaidh a thoirt air ur beatha ‘s ur slàinte tro bhith a’ cleachdadh dòighean obrach stèidhichte air mar a bhios an inntinn ‘s a’ bhodhaig ag obair còmhla.

Chan e leigheas neo ìocshlaint a th’ anns a’ Phròiseas Dealanaich, ‘s prògram treanaidh neo-mheadaigeach a th’ ann a bhios a’ gabhail a-steach beachdan bho Prògramachd Neuro-Cànanach, Coidseadh Beatha ‘s na prionsabailean a th’ air cùlaibh Osteopathy.

An-luib a’ phròiseis tha ionnsachadh grunn ceumannan ‘s gluasadan furasta nach eil idir sgairteil neo neartmhor, mar sin thèid a chleachdadh a-rèir comasan gach neach fa-leth.

Tha mise nam Neach-obrach a’ Phròiseas Dealain Clàraichte ‘s e mar dleastanas orm a ghabhal ri còdaichean giùlain teann agus bidh mi a’ gabhail os làimh Leasachadh Pearsanta Pròifeiseanta gach bliadhna.

Cuidichidh mise sibh ron chùrsa, bheir mi trèanadh dhuibh ceum an-dèidh ceum tron phròiseas agus bheil mi taic dhuibh as-dèidh a’ chùrsa ann a bhith ag ionnsachadh mu bhith a’ cur an eòlais an gnìomh san t-suidheachadh agaibh fhèin.

Thoiribh fa-near, chan eil mi nam Neach-Pròifeiseanta Meadaigeach ‘s mar sin chan urrainn dhomh diagnos a dhèanamh no comhairle meadaigeach a thoirt seachad. Iarraibh comhairle meadaigeach bhon dotair airson seo.

Ciamar a tha e ag obair?

Dè nam b’urrainn dhuibh toirt air siostaman slàinte ur bodhaige tòiseachadh as ùr gus an tèid iad airais dhan àibhaist tro bhith a’ cleachdadh an ceangal a chaidh a dheagh rannsachadh eadar an inntinn ‘s a’ bhodhaig?

Bidh am PD a’ cleachdadh am prionsabal saidheansach seo gus am faigh sibh smachd as ùr air dà phròiseas cudromach nur corp – am Freagairt Fiosaigeach Èiginneach (FFÈ) agus Neuroplasticity.

Freagairt Fiosaigeach Èiginneach (FFÈ)

‘S e am freagairt ‘ruith neo dèan sabaid’ a tha seo – ‘s e freagairt nàdarra na bodhaige a th’ ann do chunnart sam bith ‘s bheir e beum mòr neart ‘s lùths dhuinn, ag atharrachadh brodagan na bodhaige, mar a chleachdas i conadh ‘s mar sin air adhart – glè mhath ma thathar a’ ruith air falbh bho tìgear fiadhaich. Anns an fharsaingeachd ‘s e rud math a th’ ann ach cha bu chòir dha a bhith air a chleachdadh ach airson greiseagan glè ghoirid.

Gu mì-fhortanach, tha na ‘cunnartan’ a bhios sinne tric a’ faireachdainn buailteach air a bhith a’ mairsinn rè ùine nas fhaide na sin. Agus tha rannsachadh a’ sealltainn dhuinn gu bheil an t-atharrachadh seo rè ùine fhada mar thoireadh air cleachdadh an FFÈ uabhasach dona dhuinn – a’ toirt droch bhuaidh air cadal, slànachadh agus an siostam ion-dhìon, cnàmh bìdhe, smaoineachadh soilleir agus ar cor anns an fharsaingeachd.

Ionnsaichidh am Pròiseas Dealain dhuibh aithneachadh nuair a bhios FFÈ a’ tachairt ‘s mar a ghabhas a shocrachadh gus cothrom a thoirt dhan bhodhaig ath-chothromachadh fhèin às ùr.

Neuroplasticity

‘S e a th’ ann an Neuroplasticity an comas iongantach a th’ aig a’ bhodhaig atharrachadh gu grad tro bhith air a chleachdadh ann an dòigh diofraichte. Tha rannsachadh air a shealltainn gun gabh seann slighean nearbh a chur dheth gus slighean ùra, nas fheumaile, a chruthachadh tro bhith a’ cleachdadh dòighean ùra smaoineachaidh a-mhàin. Seallaibh air a’ bhideo ghoirid seo airson fhaichinn mar a dh’obraicheas e.

Ionnsaichidh am Pròiseas Dealain dhuibh mar a thèid agaibh air Neuroplasticity a chleachdadh gus cuidhteas fhaighinn air na pàtranan millteil neo-fhiosrach agaibh a tha gur cumail airais, ‘s ionnsaichidh sibh feadhainn ùra a chleachdadh nan àite a nì feum air ur slàinte ‘s air ur beatha.

Am Pròiseas Dealain

‘S e a chiad phàirt den Phròiseas Dealain a bhith a’ leughadh an leabhar ‘Introduction to the Lightning Process’ (ma cheannaicheas sibh an leabhar bhon làrach-lìn agam thoirt mi air falbh prìs an leabhar bho cosgais a’ chùrsa PD), lìonaibh a-steach am foirm tagraidh ‘s cuiribh airais thugam e, far an cur mi fhèin fios airais thugaibh gus comhradh ‘s gus cèistean sam bith a bhios agaibh a fhreagairt ‘s bruidhnidh sinn mu mion-fhiosrachadh nan seiminearan.

‘S e an ath phàirt a bhith a’ frithealadh nan seiminearan. Bidh iad seo a’ ruith ann am buidhnean beag de 3-8 anns gach buidhean airneo tha cothrom ann an treanadh seo a dheanamh 1:1.

As-dèidh sin tha suas ri 3 uairean a thìde de taic as-dèidh làimh air an fhòn neo tro Skype.