Mu dheidhinn a’ Chursa Pròiseas Dealanaich

‘S e prògram treanaidh cumhachdail a th’anns a’ Phroiseas Dealanaich a bhios gur teagasg mar a ‘s urrainn dhut buaidh a thoirt air ur slàinte ‘s air ur beatha tro bhith a’ cleachdadh dòighean-obrach stèidhichte air mar a bhios an eanchainn ‘s an corp ag obair còmhla. Tha e a’ gabhail a-steach ceuman sònraichte a’ cleachdadh gluasad, giùlan na bodhaige agus coidseadh a thèid a chur air dòigh gu sònraichte do gach neach fa-leth ma fheumas.

Tha Phil Parker air an deich bliadhna a dh’fhalbh a chur seachad ann a bhith a’ rannsachadh carson a bhios cuid de dhaoine, a dh’fhulaing cràdh cianail nam beatha, a’ slànachadh gu math fhad ‘s a bhios daoine eile ann leis na h-aon trioblaidean air nach eil piseach idir a thighinn mar a bhiodh dùil. Bhiodh e daonan a’ cnuasachadh air a’ chèist, ‘dè an diofar?’ Agus nam b’ urrainn dha an diofar a lorg am biodh e comasach dha cuideachadh a thoirt leis a’ phroiseas gus an tigeadh piseach air an fheadhain a bha fhathast a’ fulaing? ‘S ann às an rannsachadh a lean a thàinig am Pròiseas Dealanaich.