Dè a th’ ann an NLP?

S e dòigh-obrach a tha aig cridhe mo chuid obrach a th’ ann an NLP a bhios a’ toirt fòcas air an saidheans beò-ghlacmhor den ceangal inntinn agus bodhaig.

Tha iomadach feum anns na prionsabalan bunaiteach de NLP ann an gach seòrsa de ionnsachadh agus conaltradh èifeachdach, ‘s ged a chaidh a dhealbhachadh sa chiad dol a-mach mar dòigh èifeachdach airson saidhc-leigheis, thèid a chur gu feum ann an Gnìomhachas, Ceannardas, Foghlam, Coidseadh agus Leasachadh Pearsanta.

Tha NLP air a bhith a chleachdadh cuideachd le toraidhean iongantach airson gnothaichean slàinte, tron bhuaidh a th’ aig an eanchainn air an inntinn agus air beò-eòlas an còrr den chorp – tric air ainmeachadh an Ceangal Inntinn/Bodhaig.

Bidh Prògramadh Neuro Cànanach (NLP) ag obair le prionnsabalan Neurosaidheans, a mhìnicheas ciamar a bhios Slighean Neuro san eanchainn a’ conaltradh leis an inntinn ‘s a’ bhodhaig. Aig cridhe NLP tha am prionnsabal gu bheil eanchainn mhic an duine sònraichte math air a bhith ag ionnsachadh pàtrannan/ giùlanan/ cleachdaidhean (a bhios sinn ag ainmeachadh mar ‘prògraman’ ann an NLP).

Nise, ged a tha an eanchainn fìor mhath air a bhith ag ionnsachadh, cha bhith i a’ dèanamh sgaradh eadar rudan a tha math dhuinn ‘s rudan nach eil. Mar seo ‘s iad na ‘prògraman’ (pàtrannan/giùlanan/cleachdaidhean) seo, a tha i air fhàs cho math a bhith ag ionnsachadh, a bhios ag adhbhrachadh na trioblaidean againn, a bhios gar cumail air ais bho bhith coileanadh na tha sinn comasach air, no bhith mar bu toil leinn a bhith.

Gu h-inntinneach tha cuid de na prògraman seo cho math ionnsaichte againn gu bheil coltas ann gu bheil iad ag obair taobh a-muigh ar comh-eòlais, tha seo a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ ruith nam prògraman seo gun mothachadh. Tha seo a’ selltainn carson a bhios sinn tric air ar buaireadh leis an strì nar n-inntinn.

Cia mheud turas a dh’fhaighnich sibh dhuibh fhèin “carson a rinn mi sin?”

Tha sinn mothachail air na tha sinn airson atharrachadh, ach air an dara làimh tha rudeigin daonan na chnap-starra dhuinn, airneo fàsaidh e a bhith mar strì eadar toilean.

Ciamar a-rèisd a bhios NLP ag obair?

Bidh Prògramadh Neuro Cànanach ag obair tro bhith a’ cur ceàrr nam ‘prògraman’ nach eilear ag iarraidh nur n-eanchainn, an fheadhainn a tha ag adhbhrachadh trioblaid dhuibh.

Mar seo, gabhaidh rud sam bith a tha ur n-eanchainn air ionnsachadh a dhubhadh às. Nas cudromaiche fhathast, togaidh NLP pàtranan ùra feumail san eanchainn, a bhios a’ toirt leis smaoineachaidhean, faireachdainnean agus giùlanan feumail.

A dh’aindeoin na chreideas a’ mhòr-chuid, tha an eanchainn ao-choltach ri cuairt-bòrd dealain. Chan eil sìon stèidhichte gu brath san eanchainn, chan eil e fìor a ràdh, “sin mar a tha mi”, “chaidh mo dhèanamh mar seo,” gabhaidh rud sam bith dubhadh às bho ar n-ionnsachadh.

‘S e “Neural Plasticity’ an t-ainm a th’ air seo, tha seo a’ ciallachadh an àite ar n-eanchainn a bhith stèidhichte mar chlach, a bhios a’ toirt seachad òrduighean a chaidh a phrògramadh nar gineachan dhan bhodhaig ‘s dhan inntinn, gabhaidh ar n-eanchainn a mhòlltachadh ‘s a snaidheadh.

‘S ann againn fhèin a tha smachd thairis air ar n-eanchainn, mar seo thèid againne smachd a ghabhail thairis air ath-dhealbhachadh na dòighean smaoineachaidh, faireachdainnean, freagairtean ‘s aig a cheann thall na giùlanan againn.

Tha NLP gar teagasg, tro bhith ag atharrachadh an dòigh anns a bhios sinn a’ dèanamh ciall den t-saoghail seo, gun urrainn dhuinn ar giùlanan ‘s ar gnìomhan atharrachadh a dh’ionnsaigh ar dìcheal a dhèanamh dhuinn fhèin ‘s de ar beatha.